Iasgairean Ghalile

Dublin Core

Title

Iasgairean Ghalile

Date

early 1900s

Contributor

frances.wilkins

Language

Gaelic

Type

Words

Identifier

882

Alternative Title

Gallilee Fishermen

Date Modified

03/09/2024

Europeana

Europeana Type

TEXT

Words Item Type Metadata

Composer

72

Lyrics

Faic an còmhlan air bòrd sa bhàt’, A’ dol a dh’iasgach mun ciar an tràth; A’ dol mun cuairt anns a’ mhuir bha buailteach, ‘S e fàth an smuaintean nach d’fhuair iad càil. Gu robh iad cianail gun Chrìosd air bòrd; Cha d’fhuair iad sgeul air, ‘s e lìon am bròn. Bha ‘n còmhradh àbhaist am measg nam bràithrean: “Am faic gu bràth E, no bheil E beò?” An uair a ràinig am bàta tìr, Le saothair oidhche ‘s an ceann cho sgìth, An sin bha grìosach le min is iasg oirr’ Is cuireadh fialaidh do luchd na luing. Bha ‘n Tì a bhàsaich an àit’ an t-sluaigh, ‘S a chaidh a cheusadh, air èirigh suas, On d’fhuair iad fàilte – “A chlann ‘s a bhràithrean!” – Na sheasamh làimh riu air tràigh nan stuagh. Dh’aithnich iad gum b’e siud an Rìgh, Len tric a ghluais iad, air uairean sgìth, Gu tric na chòmhradh aig biadh is bòrd leis – Bha bhriathran glòrmhor a’ tighinn nan cuimhn’.

Citation

“Iasgairean Ghalile,” SHADES, accessed April 29, 2025, https://seinn.org/omeka/items/show/1233.

Embed

Copy the code below into your web page