-1.xml

Dublin Core

Title

-1.xml

Description

A Bhàn-righinn nan Eilean, A Mhoire nan gràs, A ghiùlain ’s a riaraich Ar tighearna na phàisd’, Thoir dhuinne do chobhair, A Mhoire ro Naomh, Is glèidh sinn o bhuaireadh ’S o thruailleadh an t-saogh’il. Is oighreachd air leth dhut Na h-Eileanan Siar, ’s na h-eòin dhut a’ seinn ann Le aoibhneas cho fìor, A’ tairgsinn an ciùil Gu do chrùn-chathair àrd, Gach pong san laoidh-mholaidh Nad onair a-mhàin. Tha sinne mar ionann A’ togail ar ciùil, ’S le tabhartas ceòlmhor A’ glòradh do chliù. O, aonaich na h-Èileanan ’S beannaich an àl- Le thusa bhith stiùireadh, Bidh’n cùrsa nas fheàrr. O chobhair nan deòraidh, A sheòlaid nan gràs, A dhìdein nan cinneach Bhon gineadh gu ‘m bàs, Bi dhuinne nad fhasgadh Air taisdeal ar beò, Nad bhoillsgeadh san dùbh’reachd Nuair ’s dùmh’l ‘ios an ceò.

Contributor

frances.wilkins

Type

Words

Identifier

970

Date Submitted

27/05/2024

Extent

x x

Europeana

Europeana Type

TEXT

Words Item Type Metadata

Prim Media

533

Citation

“-1.xml,” SHADES, accessed April 25, 2025, https://seinn.org/omeka/items/show/1495.

Embed

Copy the code below into your web page