Ùrnaigh
Dublin Core
Title
Ùrnaigh
Contributor
eulac3d
Language
Gaelic
Type
Words
Identifier
213
Alternative Title
n/a
Date Modified
31/05/2024
Europeana
Europeana Type
TEXT
Words Item Type Metadata
Composer
20
Lyrics
Tha sinn ag ùrnaigh gum bi Sith
Far ‘eil cogadh agus gràin,
Gum bi fialaidheachd an àite sannt
Is moladh far ‘eil càin.
Gum bi onair agus urram ann,
Gum bi càirdeas ann is gaol,
Gum bi gràdh air càch a-chèile
Tha sgapt’ air feadh an t-saogh’il.
O cuimhnich air a’ chlann ’s gach àit’
Tha acrach, brònach, tinn,
Is bheir dhaibh neart is faochadh,
Is D’fhacal — D’fhirinnghrinn.
’S ged thigeadh trioblaid agus bròn,
San àm a tha ri teachd,
Gum biodh Do làmh an-còmhnaidh dlùth
’S Do ghàirdean làidir faisg.
Cùm sinn o bhuaireadh agus Olc,
O fhòirneart agus strì,
Bi Còmhla rinn o seo a-mach
Anns gach àite far ’n tèid sinn.
Citation
“Ùrnaigh,” SHADES, accessed June 27, 2025, https://seinn.org/omeka/items/show/214.
Embed
Copy the code below into your web page