Caraid is Dluthaidh na Brathair
Dublin Core
Title
Caraid is Dluthaidh na Brathair
Contributor
frances.wilkins
Language
Gaelic
Type
Words
Identifier
261
Date Modified
22/08/2024
Europeana
Europeana Type
TEXT
Words Item Type Metadata
Composer
31
Lyrics
Nach mithich dhomh bhi tòiseachadh,
‘S ag cantuinn òran, ùr,
Mu’n Ti rinn fhuil [?] a dhòrtadh
‘S a’ ghlòir a bha ‘na ghnùis;
‘S e ‘n caraid e a bh’fhearr dhomh,
Na càch ‘s na h-uile cùis
‘S e ‘s dlùthaidh lean na bràthair,
‘S e làidr air mo chùl.
Cha d’fuair mi comhairle pàrant,
Is bràithrean cha robh ann,
No neach ghabh cùram tràth dhiom;
Chaidh m’fhàgail anns a’ ghleann;
‘S ged bha mi measg mo chàirdean
Cha b’àbhaist dhoibh bhi cainnt
Air ni ‘n taobh thall de’n bhàs,
Dheanadh stàth dhomh aig a cheann.
Ach bha do spiorad strith rium,
‘S bha diteadh annam fèin;
‘S chuir sud mi dh’ ionnsaidh Bhiobuill,
A dheanamh sith is rèit;
Chuir sud mi dh’ ùrnuigh ‘n uaigneas,
‘S mi buachailleachd na treud;
‘S bhiodh m’inntinn tighinn fo bhuaireas
Is uamhasan ro gheur.
Ach thuitinn ‘sa mhi-chùram,
Is mhùchainn Spiorad Dhè;
‘S mar neul na maiden shiùbhladh
Gach dùsgadh bh’ annam fèin;
‘Nuair thachrainn ris an t-sluagh,
Bhiodh cur suarach nithibh Dhè
Labhrainn agus ghluaisinn,
Do rèir an gluasaid fèin.
‘S nuair rinn mi’n seachran àicheadh,
‘S na ghàthan bha gun fheum,
Dh’fhuaraich gràdh mo chàirdean,
Is clan mo mhàthar thrèig;
Is bhiodh na naoimh toirt tàir dhomh,
‘Nuair dh’ fhàilinneadh mo cheum;
Ach gheibhinn-sa do làthaireachd,
‘S tu b’ fhearr na iad go lèir.
Mo charaid thu! Na fàg mi,
‘San fhàsach stiur mo cheum;
Thoir neart do rèir la là dhomh,
Na fàg-sa mi ‘s na trèig;
‘S an uair nit inn mo bhualadh,
‘S nach dean an sluagh dhomh feum;
Dean thus’ mo leabaidh suaimhneach,
Ag cluinntinn luaidh ort fèin.
Citation
“Caraid is Dluthaidh na Brathair,” SHADES, accessed April 29, 2025, https://seinn.org/omeka/items/show/262.
Embed
Copy the code below into your web page