Tionndaidh am Bàt

Dublin Core

Title

Tionndaidh am Bàt

Date

c1970

Contributor

frances.wilkins

Language

Gaelic

Type

Words

Identifier

884

Alternative Title

Turn the Boat

Date Modified

03/09/2024

Europeana

Europeana Type

TEXT

Words Item Type Metadata

Lyrics

O Tionndaidh am bàt’ agus till leam a-null, ‘S a dh’ionnsaigh mo phàisde gun tèid mi le fonn, Dèan gluasad gun dàil ann gu ‘m faigh mi a geall, O tionndaidh am bàt’ agus till leam a-null Gad ionndrain, gad ionndrain, ‘s mi ‘seòladh a’ chuain, Chan eil madainn no oidhche nach eil thu nam smuain, Gad choimhead nam dhùsgadh, ga do choimhead nam shuain, O, fiamh do ghnùis, ‘’s e ‘dhrùidh mi a luaidh. Dh’aindeoin ‘s na thriall mi seach deas agus tuath, A-riamh cha do dh’iarr mi ach bail emo luaidh, ‘S ann ann tha mo rùn-sa a’ gabhail gach là, ‘S tha làrach a ceum far na dh’èirich I ‘n-àird O ‘s fhada an uair dhomh ‘s gun thu, luaidh, ri mo thaobh O, ‘s trom is fo ghruaim mi ‘s mi fada o’d ghaol, Ach chan fhad’ gus an till mi le aoibhneas thar sàl, Is ‘s ann ort thèid mi chèilidh ‘n Comunn Gaidhealach Ceann a’ bhàigh. ‘S ma leanas tu mise ‘s gum faigh mi do làmh, Ni sinn ar slighe chun na h-altair’ gun dàil, ‘S ann ‘sin bhios an ceangal ‘bhios daingeann, a ghràidh, ‘S bheir sinn bòidean a’ phòsaidh a sheasas ghu bràth. O tionndaidh am bàt’ agus till leam a-null, ‘S a dh’ionnsaigh mo phàisde gun tèid mi le fonn, Dèan gluasad gun dàil ann gu ‘m faigh mi a geall, Tionndaidh am bàt’ agus till leam a-null.

Citation

“Tionndaidh am Bàt,” SHADES, accessed April 25, 2025, https://seinn.org/omeka/items/show/1235.

Embed

Copy the code below into your web page