M' Fhear Saoiridh

Dublin Core

Title

M' Fhear Saoiridh

Description

Written by Murdo J Morrison in 2006

Date

2006

Contributor

frances.wilkins

Language

Gaelic

Type

Words

Identifier

885

Alternative Title

My Saviour

Date Modified

03/09/2024

Europeana

Europeana Type

TEXT

Words Item Type Metadata

Composer

40

Lyrics

Mura b’e tu fèin m’fhear-saoraidh Cha bhiodh saorsainn orms’ a’ tàmh Cha bhitheadh mo shaoghal ach dorch is aognaidh Gann às aonais meud do ghràidh Cha bhitheadh na geallaidhean ro phrìseil Th’anns an fhìrinn cunntadh càil ‘S cha bhitheadh na sgriobtairean ag innse Gun shaor thu mi gu fior on bhàs O ‘s mi bhiodh falamh fuar san fhàsach Gun do ghràdh-sa ga mo dhìon Bhithinn air chall mar uang gun mhàthair Cha bhiodh m’ àit’ fo sgàil do sgiath Càit an suidhichinn mo dhòchas Cò a threòraicheadh mo cheum Càit an suidhichinn mo dhòchas Gun fior eòlas ann ort fhèin Cò ris a thogainn suas mo shùilean Nuair bhios cùisean gam thoirt sìos Cò thuige dheighinn air mo ghlùinean Càit ‘n deigheadh m’ ùrnaighean gun Chrìosd ‘N dùil ‘m biodh gràdh an athar beò dhomh Às eugmhais dòrtadh fuil an uain Oir ‘s ann an Ìosa Crìosd tha tròciar An t-Ìos’ tha beò is togte suas Ach ‘s fiosrach mi gur tu m’ fhear-saoraidh ‘S chan iarrainn caochladh sin gu sìorr’ Oir ‘s e do bhàs a chuir fa sgaoil mi ‘S e mhàin a dh’aonaich mi rim Dhia O ‘s mòr na fulangasan a chràidh thu ‘S mòr an t’àmhghar chlaoidh thu geur Thug rùn an Athar chun a bhàis thu Do thoil is d’ àill-sa mar an ceudn’ Nach dearg a ruith an crann a cheus thu Le fuil na rèite thaom nad phian ‘S an glaodh do chràidh gu h-àrd a dh’èigh thu Carson a thrèig thu mi, mo Dhia O cò a ruigeas doimhne ghràidh seo Thug buaidh air bàs tre bhàs an uain ‘S e fuil an neo-chiontaich a shàsaich ‘S gu daor a phàigh mo chain-s’ bha cruaidh Ach dh’èirich thu os cionn gach iargain ‘S os cionn nam piantan a bha mòr ‘S cha d’ fhuair am bàs ort làmh an uachdair ‘S cha tug an uaigh ort buaidh nas mò O gu robh mi ‘n-diugh fìor thaingeil O gun daingnich riut mo spèis Le moladh mòr is gràdh gach àm ort Airson na rinn thu dhuinn, a Dhè Bha uair nach tug mi mòran gèill dhut Dall dham fheum is dall nam dhòigh Ruith nam dheann air slighe lèirsgrios ‘S e uaigh an èig bha na mo choir Ach sgàth ‘s gun d’fhuair thu, Thighe

Citation

“M' Fhear Saoiridh,” SHADES, accessed April 25, 2025, https://seinn.org/omeka/items/show/1236.

Embed

Copy the code below into your web page