Mu Dheidhinn

’S e th’ ann an Seinn Spioradail ach sgrùdadh air an t-sàr-bheartas de sheallaidhean, fhuaimean agus chuimhneachain de sheinn agus sgrìobhadh òrain spioradail ann am beatha làitheil ann an coimhearsnachdan anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, rud a tha air a bhith na phàirt de chultar na Gàidhealtachd fad mìltean bhliadhnaichean.

Sia bliadhna de rannsachadh

Tha an tasglann didseatach, clàr-dùthcha fuaime agus an taisbeanadh a tha ann an Seinn Spioradail, air èirigh bho chòig bliadhna de rannsacahdh air traidiseanan seinn cràbhaidh a chaidh a dhèanamh le Dr Frances Wilkins bho Ionad Elphinstone, Oilthigh Obar Dheathain. Bha e comasach rannsachadh a dhèanamh anns na coimhearsnachdan tro Thabhartas Brosnachadh Rannsachaidh bho Urras Charnegie (2019-22) agus Co-phàirt Meadhan-dreuchd Acadamaidh Bhreatainn (2022-23).  B’ e amas a’ phròiseact a bhith a’ sgrùdadh a’ bheartais iongantaich de sheinn agus sgrìobhadh òrain cràbhaidh agus spioradail ann an Iar-Thuath na Gàidhealtachd agus Innse Gall, agus gus na h-òrain agus eachdraidh an traidisean sin a thoirt do luchd-èisteachd nas fharsainge. 

Buidheachas

Cha bhiodh e comasach na goireasan seo a bhith ann às aonais taic bho iomadh neach. Taing shònraichte dhan h-uile duine a chur ris a’ phròiseact ann an Innse Gall, san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus nas fhaide air falbh agus dhaibhsan a bha an sàs ann an agallamhan agus clàraidhean sna coimhearsnachdan mar phàirt den phròiseact Seinn Spioradail eadar 2018 agus 2023, agus do sgioba Open Virtual Worlds aig Oilthigh Chill Rìmhinn airson an tasglann didseatach agus an làrach-lìn a leasachadh.  

Bu mhath leam taing a thoirt gu sònraichte dha na leanas:

Ailean Miller, Alasdair Màrtainn, Andrada Maris, Alison Sharman, Chris Nightingale, Christine Mhàrtainn, David Fayle, Oighrig NicCuidhein, Mgr Mìcheal Dòmhnallach, Gillebrìde Mac ’IlleMhaoil, Iain Oliver, John Philips, Kamila Oles, Magaidh Nic a’ Ghobhainn, Mairead NicÌomhair, Màiri M Mhàrtainn, Mairead NicAonghais, Mary Sikorski, Mary Stratman, Matthew Machin-Autenrieth, Museum & Tasglann nan Eilean, Nicolas Le Bigre, Ronan Màrtainn, Rory MacLeòid, Thomas McKean, agus Thomas Ramsay airson an cuideachaidh agus taic tron phròiseact.

Airson taic ionmhasail:

Frances Wilkins

’S e Àrd-òraidiche ann an Eitn-eòlaiche Ciùil aig Ionad Elphinstone, Oilthigh Obar Dheathain a tha ann an Frances Wilkins. Tha i a’ fuireach san Eilean Sgitheanach agus tha i cuideachd na neach-ciùil proifeiseanta, a’ cluich ceòl traidiseanta na h-Alba air a’ choncertina Shasannach. Mar neach-rannsachaidh, bidh Frances gu sònraichte  a’ sgrùdadh dualchas seinn agus ciùil na h-Alba agus Canada mu Thuath agus tha i air obrachadh air pròiseactan rannsachaidh ann an Alba, Canada agus sa Ghearmailt.

 

Tha i a’ teagasg air an MLitt aig Ionad Elphinstone air Eitn-eòlas Ciùil agus Beul-aithris. Tha i air pàipearan a lìbhrigeadh aig iomadh co-labhairt acaideamaigeach agus tha i air altan a sgrìobhadh airson irisean leithid, MUSICultures, Folk Music Journal, agus Northern Scotland. Chaidh a’ chiad leabhar aice, Singing the Gospel along Scotland’s North-East Coast, 1859-2009fhoillseachadh le Routledge mar phàirt dhen t-sreath SOAS ceòl-eòlas aca. Bho 2018, tha Frances air a bhith a’ rannsachadh traidiseanan seinn cràbhaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd agus Innse Gall le aire shònraichte air seinn ann an Gàidhlig.