Fuaimean Spioradail Coimhearsnachdan

na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Mun Phròiseact

Fàilte chun an làraich-lin aig Seinn Spioradail: Fuaimean Spioradail Coimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

’S e tha ann an Seinn Spioradail ach sgrùdadh den bheartas de sheallaidhean, fhuaimean agus de chuimhneachain de sheinn agus dèanamh òrain spioradal ann am beatha làitheil ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean, rud a tha air a bhith na phàirt de chultar na Gàidhealtachd fad mìltean bhliadhnaichean. Am measg nan stuthan a tha air an làrach-lìn tha tasglann fuaim didseatach, turas biortail agus clàr-dùthcha fuaime anns a bheilear a’ sgrùdadh òrain a chaidh a chlàradh le Dr Frances Wilkins mar phàirt den rannsachadh fad 5 bliadhna aice air òrain chràbhaidh ann an Iar-Thuath na Gàidhealtachd agus ann an Innse Gall. Gheibhear  cuideachd fiosrachadh mu thaisbeanadh Seinn Spioradail, a tha air a chur air dòigh le Dr Frances Wilkins agus Ronan Màrtainn, a  bhios a’ dol air chuairt tro choimhearsnachdan Innse Gall bhon Fhaoilleach 2024.

Cluicheadair Fuaime

Rannsaichibh an tasglann againn de chòrr air 300 laoidh, salm, òrain agus fuinn spioradail a chaidh a chlàradh thar na sgìre mar phàirt dhen phòiseact. Tha an cluicheadair seo a’ leigeil leibh coimhead agus rannsachadh a dhèanamh air a’ cheòl anns an tasglann ann an cruth liosta-cluich.

Tursan Biortail 360°

Tadhailibh air an t-saoghal bhiortail againn, cuiribh eòlas air eaglaisean agus taighean agus faighibh barrachd a-mach mu sheinn spioradail ann an co-theacsan eadar-dhealaichte. Èistibh ri ceòl, faicibh altan agus goireasan, coimhead earrannan bhidio, agus ionnsaichibh barrachd mu dhiualchas bheartach na sgìre mu sgrìobhadh agus fhoillseachadh òrain.

Clàr-dùthcha fuaime

Tha an clàr-fuaime a’ sealltainn chlàraidhean bhon tasglann a rèir an àite dham buin iad. Faicibh clàr-dùthcha a’ sealltainn nan àiteachan eadar-dhealaichte air an deach tadhal tron phròiseact seo, èistibh ri ceòl agus cluinnibh barrachd mu na seinneadairean a tha air cur ris a’ phròiseact agus na h-òrain a chaidh a chlàradh anns gach àite.

19 Faoilleach 2024 – 28 Gearran 2025

Taisbeanadh

Faighibh barrachd fiosrachaidh mu phròiseact Seinn Spioradail a bhios a’ dol air chuairt tro choimhearsnachdan Innse Gall bhon Fhaoilleach 2024. 

 

19 Faoilleach – 12 Giblean 2024

Museum nan Eilean

 

Museum nan Eilean – tachartas fosglaidh air Dihaoine 19 Faoilleach bho 5.30-7:00f aig a’ ghailearaidh, le deochan.

19 Giblean – 17 Ògmhios 2024

Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch, Baile Ailein

30 Ògmhios – 25 Samhain 2024

 

Tasglann Phort Rìgh, Port Rìgh

1 Dùbhlachd 2024 – 28 Gearran 2025

Taigh Chearsabhagh, Loch nam Madadh

Fios air ais

Tha na beachdan agaibhse air leth cudromach dhuinn agus bhiodh e math nan lìonadh sibh an Suirbhidh