Fios
Taisbeanadh gus cur ri Dìon Traidiseanan Seinn na Gàidhlig
Tha rannsachadh gus aire a chur air diofar sheòrsachan seinn traidiseanta na Gàidhlig air a bhith air a chur ann an taisbeanadh a bhios a’ dol air chuairt gu coimhearsnachdan Innse Gall ann an 2024 agus 2025. Tha an Dr Frances Wilkins, Àrd-òraidiche ann an Eitn-eòlas Ciùil aig Ionad Elphinstone, Oilthigh Obar Dheathain, air sia bliadhna a chur seachad a’ dèanamh obair làraich ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar agus i a’ rannsachadh seinn spioradail agus cràbhaidh bhon sgìre. Tha i air a bhith a’ cruinneachadh agus a’ clàradh traidiseanan seinn na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach seinn laoidhean, seinn sailm agus bàrdachd spioradail a tha a’ crìonadh ann an coimhearsnachdan Innse Gall. Thuirt an Dr Wilkins: “Ann an linntean a dh’fhalbh, bha pàirt chudromach aig an eaglais ann a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig an uair a bha i air a casg bho sgoiltean.
Thuirt an Dr Wilkins:
An-diugh, gu h-ìoranta, tha an suidheachadh air atharrachadh. Tha dà-chànanachas na Gàidhlig agus na Beurla, rud nach robh a’ faighinn cliù, a-nis air a mheas mar rud luachmhor agus buannachdail do dh’ionnsachadh thar curaicealaim na sgoile, ach chan eil ach glè bheag de sheirbheisean eaglaise ann an Gàidhlig, agus tha seo air crìonadh mòr ann an traidisean seinn cràbhaidh na Gàidhlig adhbhrachadh.’
Gus taic a chur ri dìon a chur air an traidisean, tha an Dr Wilkins air a bhith a’ comharrachadh agus a’ clàradh seinn cràbhaidh agus spioradail na Gàidhlig gus tasglann a chruthachadh agus gus an ceòl a thoirt do luchd-èisteachd nas fharsainge. Bidh an rannsachadh aice na bhun-stèidh airson taisbeanadh eadar-ghnìomhach, Seinn Spioradail a tha i air a chur air dòigh còmhla ris an dealbhaiche Ronan Màrtainn. Bidh an taisbeanadh aig Museum nan Eilean ann an Steòrnabhagh bho 19mh Faoilleach – 12mh Giblean 2024 mus tèid e air chuairt tro choimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ gabhail a-steach Baile Ailein (Leòdhas) bhon Ghiblean – Ògmhios 2024, Port Rìgh (An t-Eilean Sgitheanach) bho Ògmhios – Samhain 2024, agus Loch nam Madadh (Uibhist a Tuath) bhon Dùbhlachd 2024 – Gearran 2025. Faodaidh luchd-tadhail ionnsachadh mu thraidisean seinn cràbhaidh anns gach sgìre agus faodar eòlas a chur air tro chlàraidhean, film, stuthan agus tasglann didseatach, clàr-dùthcha fuaim agus turas biortail eadar-ghnìomhach. Thuirt an Dr Wilkins,
Thuirt an co-churaidiche, Ronan Màrtainn,
Tha seinn nan salm Gàidhlig, a tha air a bhith aig teis-meadhan beatha eaglaise agus coimhearsnachd ann an Innse Gall fad linntean, gu sònraichte fon phrosbaig san taisbeanadh. Mhìnich aon neach a chuir ris an taisbeanadh, Alaig ‘Bhaltois’ Dòmhnallach, cho cudromach ’s a tha an traidisean dha, nuair a thuirt e, ‘Tha rudeigin gam dhùsgadh nuair a thig e chun nan sailm Ghàidhlig agus an loidhne ga cur a-mach. Chan eil e gu diofar càit’ a bheil mi. Ma chluinneas mi seo, tha e gam tharraing air ais gu làithean m’ òige ann an Stafainn. Air ais gu tachartasan toilichte…ach cuideachd tachartasan muladach. Tha, bha agus bidh seo a’ toirt buaidh orm.’ Tha mòran dhe na clàraidhean fuaime, dealbhan agus bhidiothan a chaidh a dhèanamh mar phàirt dhen phròiseact nam bun-stèidh air an làrach-lìn agus an tasglann didseatach air-loidhne (aig www.seinn.org). Thèid CD agus leabhar le cuid dhe na clàraidhean fuaime fhoillseachadh nas fhaide ann an 2024 agus thèid an reic an cois an taisbeanaidh.
Mhìnich an Dr Wilkins:
Tha i cuideachd ag ràdh,
Thèid tachartas fosglaidh a chumail air Dihaoine 19 Faoilleach bho 5:00-7:30f aig Museum nan Eilean. Tha e an-asgaidh agus bidh deochan ann do dhaoine.
’S iad na h-uairean fosglaidh aig Museum nan Eilean:
’S iad na h-uairean fosglaidh aig Museum nan Eilean:
Diardaoin-Disathairne, 1-4f (gu 31 Màrt)
Dimàirt-Disathairne, 10-5f (bho 1 Giblean)
Là na Sàbaid-Diluain – dùinte
Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig: www.seinn.org
Ma tha ùidh aig ionad sam bith anns an taisbeanadh a ghabhail an dèidh Gearran 2025, cuiribh brath gu Frances Wilkins.
Fios airson brathan naidheachd:
-
Dr Frances Wilkins,
àrd-òraidiche ann an Eitn-eòlas Ciùil,
Ionad Elphinstone, Oilthigh Obar Dheathain - 07780 504930
- frances.wilkins@abdn.ac.uk