19 Faoilleach 2024 – 31 Dùbhlachd 2025

Seinn Spioradail

Taisbeanadh

Tha an taisbeanadh a’ sgrùdadh an t-sàr-bheartas de sheallaidhean, fhuaimean agus chuimhneachain de sheinn agus sgrìobhadh òrain spioradail ann am beatha làitheil ann an coimhearsnachdan anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, rud a tha air a bhith na phàirt de chultar na Gàidhealtachd fad mìltean bhliadhnaichean.

Ga Chur Air Dòigh

Tha Seinn Spioradail na thaisbeanadh a tha air a chur air dòigh leis an Eitn-eòlaiche Ciùil, Dr Frances Wilkins (Oilthigh Obar Dheathain) agus an dealbhaiche dualchais, Ronan Màrtainn.

Fios

Anns an taisbeanadh, ionnsaichidh sibh mun fharsaingeachd de sheinn cràbhaidh Gàidhlig tron sgìre gu lèir, a’ gabhail a-steach seinn nan salm, laoidhean agus cruthachadh òrain cràbhaidh.  Tha guthan buill na coimhearsnachd cudromach ann a bhith a’ toirt a’ chiùil beò, agus tha prìomhachas ga thoirt dhan fharsaingeachd de dh’òrain le clàraidhean fuaime, stuthan agus taisbeanadh film agus tasglann fuaime agus turas biortail. Bithibh air ur bogadh anns a’ cheòl agus cluinnibh barrachd mun cheòl agus luchd-cruthachaidh ciùil a tha aig teis-meadhan nan dòighean anns a bheil spioradalachd ann an coimhearsnachdan sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan air an cur an cèill.  

19 Faoilleach 2024 – 28 Gearran 2025

Taisbeanadh

Faighibh barrachd fiosrachaidh mu uairean fosglaidh agus àiteachan anns am bi Seinn Spioradail air a thaisbeanadh.

19 Faoilleach – 13 Giblean 2024

Museum nan Eilean

Museum nan Eilean – tachartas fosglaidh air Dihaoine 19 Faoilleach bho 5.30-7:00f aig a’ ghailearaidh, le deochan.

Cosgais:

An-asgaidh (tabhartas de £5 air a mholadh)

 

Seòladh:

Museum nan Eilean, An Gearraidh Cruaidh, Steòrnabhagh, HS2 0XS

 

Uairean Fosglaidh:

Diardaoin – Disathairne: 1f-4f (gu 31 Màrt)

Dimàirt – Disathairne: 10m-5f (bho 1 Giblean)

Là na Sàbaid-Diluain: dùinte

 

Àir. fòn:

01851 822746

Làrach-lìn:

https://www.outerhebridesheritage.org.uk/museum/museum-nan-eilean-stornoway/

Post-d:

museum@cne-siar.gov.uk

 

Suidheachadh

Tha Museum nan Eilean mu 15 mionaid a’ coiseachd no 5 mionaid a’ dràibheadh bho meadhan baile Steòrnabhaigh agus tha e suidhichte anns a’ Ghearradh Chruaidh ri taobh Caisteal Leòdhais.

Bruth an seo gus an suidheachadh fhaicinn air Google Maps.

19 Giblean – 17 Ògmhios 2024

 

Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch, Baile Ailein

 

Cosgais:

£2 (fo aois 16 an-asgaidh)

 

Seòladh:

Ionad Coimhearsnachd Comann Eachdraidh Cheann a’ Loch, Baile Ailein, Leòdhas, HS2 9PN

 

Uairean fosglaidh:

Diluain — Disathairne 10m – 4f

Là na Sàbaid — Dùinte

 

Àir. fòn:

01851 830778

 

Làrach-lìn:

https://kinlochhistoricalsociety.co.uk/

 

Post-d:

info@kinlochhistoricalsociety.co.uk

 

Suidheachadh:

Bruth an seo gus an suidheachadh fhaicinn air Google Maps.

21 Ògmhios – 16 Samhain 2024

 

Tasglann an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse, Port Rìgh

Cosgais:

An-asgaidh

Seòladh:

Ostal Eilginn, Rathad Dhùn Bheagain, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9EE

Uairean Fosglaidh:

Dil – 10:00 -13:00; 14:00 – 17:00

Dim – 10:00 -13:00; 14:00 – 17:00

Dic – Dùinte

Diar – 10:00 -13:00; 14:00 – 17:00

Dih – 10:00 -13:00 14:00-1700

Dis-Là na S – Dùinte

 

Àir. fòn:

01478 614078

Post-d:

skyeandlochalsh.archives@highlifehighland.com

 

Làrach-lìn:

https://www.highlifehighland.com/skye-and-lochalsh-archive-centre/

 

Suidheachadh:

Bruth an seo gus an suidheachadh fhaicinn air Google Maps.

16 Samhain 2024 – 17 Màrt 2025

Museum nan Eilein, Lionacleit

Cosgais:

An-asgaidh

Seòladh:

Taigh-tasgaidh agus Ionad Ealain Thaigh Chearsabhagh, Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath, Na h-Eileanan Siar, HS6 5AA

 

Opening times:

Monday to Saturday, 10am – 4pm

 

Àir. fòn:

01870603970

Làrach-lìn:

https://www.taigh-chearsabhagh.org/

Post-d:

taigh@taigh‑chearsabhagh.org

 

Suidheachadh:

Bruth an seo gus an suidheachadh fhaicinn air Google Maps.

22 Màrt – 31 Dùbhlachd 2025

 

Comunn Eachdraidh Nis, Leòdhas. 

Cluicheadair Fuaime

Rannsaichibh an tasglann againn de chòrr air 300 laoidh, salm, òrain agus fuinn spioradail a chaidh a chlàradh thar na sgìre mar phàirt dhen phòiseact. Tha an cluicheadair seo a’ leigeil leibh coimhead agus rannsachadh a dhèanamh air a’ cheòl anns an tasglann  ann an cruth liosta-cluich.

Clàr-dùthcha fuaime

Tha an clàr-fuaime a’ sealltainn chlàraidhean bhon tasglann a rèir an àite dham buin iad. Faicibh clàr-dùthcha a’ sealltainn nan àiteachan eadar-dhealaichte air an deach tadhal tron phròiseact seo, èistibh ri ceòl agus cluinnibh barrachd mu na seinneadairean a tha air cur ris a’ phròiseact agus na h-òrain a chaidh a chlàradh anns gach àite.

Tursan Biortail 360°

Tadhailibh air an t-saoghal bhiortail againn, cuiribh eòlas air eaglaisean agus taighean agus faighibh barrachd a-mach mu sheinn spioradail ann an co-theacsan eadar-dhealaichte. Èistibh ri ceòl, faicibh altan agus goireasan, coimhead earrannan bhidio, agus ionnsaichibh barrachd mu dhiualchas bheartach na sgìre mu sgrìobhadh agus fhoillseachadh òrain.